Chaidh an African Prince fodha goirid do Cheap Gabaruis, Ceap Breatainn, ann an 1912, agus bha e làn giuthais MhicDhùghlais agus Ruma Bàn às a’ Charaib. Dh’fhalach muinntir na coimhearsnachd a’ chuid a bu mhotha dhe’n ruma mus tàinig an t-oifigear-cusbainn agus bha an ruma pàilt an-sin fad bhliadhnaichean. Tha an t-òran aotrom seo ag innse dhuinn mu’n bhuaireas a lean sin. Tha feadhainn am beachd gun do rinn Cairistìona NicAodhain à Drochaid Mhira an t-òran, agus tha cuid eile an dùil gur e am bàrd ionadail Dòmhnall Mac an t-Saoir a rinn e. Chuala mise e an toiseach aig Seonaidh Alasdair MacAsgaill à Framboise.